Rè an dà bhliadhna, tha Màrtainn an dòchas a mhuinntireas a chleachdadh gus daoine a bhrosnachadh gus a dhol an sàs ann an sgrìobhadh agus bàrdachd Ghàidhlig.
Bidh e a’ stiùireadh agus a’ toirt seachad taic nas fheàrr do dh’oileanaich a nì sgrìobhadh cruthachail sa Ghàidhlig taobh a-staigh Roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba.
Bidh Màrtainn cuideachd a’ cur air adhart sgrìobhadh Gàidhlig agus ag obair còmhla ri daoine aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig am measg nan oileanach san fharsaingeachd agus sa choimhearsnachd ionadail.
“Tha mi air leth toilichte gun deach mo thaghadh airson seo ,” thuirt Màrtainn. “Tha mi air tòrr taic fhaighinn thar nam bliadhnaichean bho dhiofar dhaoine is bhuidhnean is ionadan agus seo an cothrom agam rudeigin a thoirt air ais.”

Cliù Nàiseanta
Tha Màrtainn na ùghdar a tha air duaisean a chosnadh agus tha e air cliù nàiseanta fhaighinn airson a chuid sgrìobhaidh. A bharrachd air a dhreuchd mar dhotair teaghlaich, tha e air a bhith a’ sgrìobhadh sgeulachdan agus bàrdachd fad còrr is 25 bliadhna.
Às dèidh dha ceumnachadh le ceum ann an dotaireachd bho Oilthigh Obar Dheathain ann an 1988, chaidh Màrtainn air adhart gu bhith na oileanach aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig san Eilean Sgitheanach.
B’ ann nuair a bha e an sin, ann an 1992, a chuir e roimhe a’ chiad phìos sgrìobhaidh aige a chur a-steach airson Duais Uilleam Ros airson sgrìobhadh Gàidhlig:
“Chuir mi romham a chur a-steach air a shòn dìreach dà oidhche ron cheann-latha,” tha Màrtainn a’ cuimhneachadh. “Sgrìobh mi mo sgeulachd ghoirid agus chuir mi air falbh i – agus bhuannaich i!”
Ann an 2003 choisinn a’ chruinneachadh aige de sgeulachdan goirid – Ath-Aithne – Duais a’ Chiad Leabhair aig Comann Saltire. Chaidh na sgeulachdan fhoillseachadh ann am Fraingis cuideachd, a’ chiad turas riamh airson ficsean Gàidhlig.
Chaidh mòran de na nobhailean agus sgeulachdan goirid aige às dèidh sin a chur a’ gheàrr-liosta airson duaisean Saltire.
B’ e an duais as ùire a bhuannaich e, Duais Bàrdachd Bhaile na h-Ùige air a’ bhliadhna seo far an do thog e Duais na Gàidhlig airson Dithis Bhoireannach air Trèan, à cruinneachadh de bhàrdachd air a bhrosnachadh le Catalonia agus a’ Chuimrigh.
Tha Màrtainn an-dràsta ag obair air cruinneachadh ùr de sgeulachdan goirid air am brosnachadh le Catalonia agus a’ Chuimrigh a thèid fhoillseachadh an ath-bhliadhna ann an Gàidhlig, Catalanais, Cuimris agus Beurla.
A’ toirt buaidh
Beagan sheachdainean bho thòisich e a mhuinntireas san Oilthigh, tha Màrtainn air ruighinn a-mach dhan Chomann Cheilteach gus conaltradh le oileanaich aig a bheil ùidh ann an eòlas na Gàidhlig: “Tha an comann na dhòigh math oileanaich a ruigsinn. Bidh mòran dhiubh, mar mi fhìn nuair a bha mi san Oilthigh, a’ dèanamh cuspairean eile ach le ùidh aca ann an cultar na Gàidhlig .”
Bho thoiseach an t-Semeastair tha e air trì bùthan-obrach a chumail a tha fosgailte do dh’oileanaich agus do bhuill den phoball aig a bheil ùidh ann a bhith ag ionnsachadh barrachd mu sgrìobhadh is cultar na Gàidhlig. Chaidh cuid de na bùthan-obrach seo a chur air dòigh ann an co-obrachadh le Neach-ealain Traidiseanta air Mhuinntireas an Oilthigh, neach-ciùil agus sgrìobhadair-ciùil Fraser Fifield.
“Tha sinn a’ feuchainn ri seiseanan nas neo-fhoirmeil a chruthachadh far am faod daoine tighinn a-steach agus pàirt a ghabhail anns a’ cheòl no dàn a sgrìobhadh ,” mhìnich Màrtainn. “ Bha cothroman mar seo agam fhìn nuair a bha mi nam oileanach agus tha mi den bheachd gun urrainn dha e a bhith air leth brosnachail na cothroman neo-fhoirmeil seo a bhith ann .”
Còmhla ris an obair aige le coimhearsnachd an Oilthigh, tha Màrtainn an dùil a dhreuchd a chleachdadh gus barrachd pàirt a ghabhail ann am buidhnean coimhearsnachd. Bidh e a’ gabhail pàirt ann an ‘Capital Gaelic’ aig Comhairle Baile Dhùn Èideann, buidheann a tha ag iarraidh Gàidhlig fhighe a-steach do bheatha Dhùn Èideann.
Tha e cuideachd an dòchas a bhith ag obair gu dlùth le grunn chlubaichean ionadail, nam measg am Bothan , club Gàidhlig a chuidich Màrtainn gus stèidheachadh bho chionn 20 bliadhna: “Chan ann dìreach mu m’ obair aig an Oilthigh a tha an dreuchd ùr agam. Bidh mi a’ cumail sreath de bhùthan-obrach, a’ tòiseachadh san Dùbhlachd, gus ceanglaichean a neartachadh agus drochaidean a thogail leis na buidhnean coimhearsnachd againn .”
Gàidhlig ann an Dùn Èideann
Tha eachdraidh fhada aig an Oilthigh de bhith a’ cumail taic ris a’ Ghàidhlig agus stèidhich e a’ chiad Chathair Cheiltis ann an Alba ann an 1882. Tha cruinneachaidhean cudromach aige fhathast, a’ gabhail a-steach Tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba.
Tro Roinn na Ceiltis is Eòlas na h-Alba, tha an t-Oilthigh an sàs ann an a bhith a’ cruthachadh sgrìobhadh, rannsachadh agus leasachadh poileasaidh na Gàidhlig ann an Alba.
Chaidh dreuchd an Sgrìobhadair Gàidhlig air Mhuinntireas a chruthachadh mar phàirt de Phlana Gàidhlig an Oilthigh 2019-2024, a tha a’ mìneachadh an dealais a thaobh cànan, cultar agus coimhearsnachdan na Gàidhlig taobh a-staigh an Oilthigh agus nas fhaide air falbh.
Tha an dreuchd air a pàirt-mhaoineachadh le Bòrd na Gàidhlig.